Gaelic writers and literature in Edinburgh
Tadhail còmhla ris an Dr Michel Byrne agus e a’ rannsachadh mar a thuig sgrìobhadairean Gàidhlig Dùn Èideann agus a’ tomhas na buaidh a bha aig a’ bhaile air litreachas Gàidhlig. Bho’n 17mh linn gu ruige an latha an-diugh, tha cuid de na bàird agus sgrìobhadairean Gàidhlig as ainmeile ann an Alba air a bhith a’ fuireach ann an Dùn Èideann, leithid Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir, Màiri NicEalair, agus Deòrsa Caimbeul Hay. Bha Dùn Èideann na àite neònach dha cuid dhiubh, agus chuir iad an cèill am miann airson na Gàidhealtachd. Thug cuid eile seachad tuairisgeulan beòil air diofar phàirtean de bheatha sa bhaile, fhad ‘s a rinn cuid meòrachadh domhainn stèidhichte air àiteachan agus suidheachaidhean sònraichte ann an Dùn Èideann. Tha am baile fhathast na àite-còmhnaidh do sgrìobhadairean Gàidhlig ainmeil an latha an-diugh, nam measg an nobhailiche agus bàrd Màrtainn Mac an t-Saoir agus Makar ùr na h-Alba, Pàdraig MacAoidh. Bidh an òraid seo a’ dèanamh sgrùdadh air an dualchas litreachais shaibhir seo.
Bidh an òraid air a lìbhrigeadh sa Ghàidhlig le eadar-theangachadh beò gu Beurla.
**Mu’n Neach-labhairt**
Chaidh an Dr Michel Byrne a thogail ann an Glaschu, dh’ionnsaich e a’ Ghàidhlig ann an Dùn Èideann agus ann an Uibhist a Deas, agus tha e na òraidiche aig Oilthigh Ghlaschu
