Gaelic in Edinburgh History and demography
Ann an òraid shònraichte seo, bidh Rob Dunbar agus Wilson MacLeòid a’ rannsachadh mar a dh’fhàs coimhearsnachd Ghàidhlig Dhùn Èideann agus a buaidh shòisealta is chultarail thairis air na h-aoisean. Ged a dh’fhaodadh cuid a ràdh nach eil ceangal domhainn eadar a’ Ghàidhlig agus Dùn Èideann, tha an cànan air a bhith beò anns a’ bhaile airson nas motha na mìle bliadhna, rud a tha follaiseach anns na h-ainmean-àite Gàidhlig a lorgar air feadh a’ bhaile. Bho dheireadh an t-seachdamh linn deug, thòisich àireamh nas motha de Ghàidheil a’ tighinn dhan bhaile a’ lorg chothroman obrach. Thar nam bliadhnaichean, bha Dùn Èideann na dhachaigh do dh’iomadh sgrìobhadair, sgoilear, ministear, agus stiùiriche cultarail ainmeil. Thigibh còmhla rinn gus sùil a thoirt air mar a tha àite na Gàidhlig sa bhaile air atharrachadh, le barrachd chothroman airson foghlam Gàidhlig a’ nochdadh agus an cànan a’ faighinn tuilleadh taic is aithneachaidh.
Bidh an òraid air a lìbhrigeadh sa Ghàidhlig le eadar-theangachadh beò gu Beurla. A bharrachd air sin, bidh ceòl bho Laura Penman, clàrsair òg à Dùn Èideann agus neach-labhairt Gàidhlig, mar phàirt den tachartas. Bha i cuideachd san chuairt dheireannaich de fharpais Ceòladair Òg Traidiseanta na Bliadhna 2025.
Mu na h-òraidearan
Tha Rob Dunbar na Oll
